Cad déarfa... dá scriosfainn an chláirseach? Nuala Ní Dhomhnaill
Chaidh teudan mo chlàrsaich a thoirt bhuaipe
dh’fhàgadh mi gun phort no fonn no fuaim oirr’
is ged a bha mi balbh, na do chruaidheas
dh’iarr thu uaim ceòl.
Thug mi sùil mun cuairt ’son rud a shìnte
eadar mo chnàmhan, gach ribeag dhìblidh
sreinge, fuilt no feamad gus am fighte
lìon le mo bhròn.
Thòisich mi gu teabadach gach taifeid
a chuir mi air a’ chlàrsaich a tharraing
air ais ’s a leigeil gun cluinninn faram
a dhearbhadh mo bheò.
’S ann le spàirn a dh’fheuch mi air a gleusadh,
a’ ridhleadh ’s a’ teannachadh nan teudan,
ach dh’fhàilig orr’ an teinne a ghlèidheadh
– b’ eu-chòrdach a glòir.
Bu tu...a thug dhomh na tàirngean
is am fiodh às an d’rinneadh a’ chlàrsach
chaillte seo, mo mhallachd gum bu dàn dhomh
a cràdh air mo mheòir.